Scots Gaelic Bible

Mark 11

Mark

Return to Index

Chapter 12

1


 

  Is thoisich e ri labhairt riutha ann an dubhfhacail: Phlanntaich duine araid fion-lios, is chuir e garadh mu thimcheall, is chladhaich e amar-fiona, is thog e tur, is shuidhich e air aonta do thuathanaich e, is dh` fhalbh e gu tir chein.  

 

 


2


 

  Agus chuir e seirbhiseach thun na tuathanaich san am, los gu faigheadh e de thoradh an fhion-lios bhuapa.  

 

 


3


 

  `Sa breith air, bhuail iad e, is chuir iad air falbh falamh e.  

 

 


4


 

  Agus a rithist chuir e gan ionusuidh seirbhiseach eile; is lot iad sa cheann e, agus thug iad taire dha.  

 

 


5


 

  `Sa rithist chuir e fear eile, `s mharbh iad e; agus moran eile: cuid dhiu sgiurs iad, ach cuid eile mharbh iad.  

 

 


6


 

  Ach fhathast bha aona mhac ro-ghradhach aige, agus mu dheireadh uile chuir e esan gan ionnsuidh, ag radh: Bheir iad urram dham mhac.  

 

 


7


 

  Ach thuirt na tuathanaich ri cheile: Se so an t-oighre: thigibh, marbhamaid e; agus bithidh an oighreachd againn fhein.  

 

 


8


 

  `Sa breith air, mharbh iad e; is thug iad a mach as a gharadh-fhiona e.  

 

 


9


 

  Ciod ma ta a ni tighearna a gharaidh-fhiona? Thig e, agus sgriosaidh e na tuathanaich sin; agus bheir e gharadh-fiona do dh` fheadhainn eile.  

 

 


10


 

  Nach do leugh sibh an sgriobtur so: A chlach a dhiult na clachairean, rinneadh clach chinn na h-oisinn dhi.  

 

 


11


 

  Leis an Tighearna rinneadh so, `s tha e iongantach ri fhaicinn?  

 

 


12


 

  Agus dh` iarr iad a ghlacadh, ach bha eagal an t-sluaigh orra: oir thuig iad gum b` ann mun deidhinn fhein a labhair e an dubhfhacal so. Agus ga fhagail, dh` fhalbh iad.  

 

 


13


 

  Is chuir iad ga ionnsuidh cuid de na Phairisich, agus de luchd-leanmhuinn Heroid, fiach an glacadh iad e `na chainnt.  

 

 


14


 

  Thainig iadsan, is thuirt iad ris: A Mhaighistir, tha fios againn gur duine firinneach thu, `s nach eil eisimeil agad ri duine sam bith: oir cha sheall thu air pearsa dhaoine, ach tha thu teagasg slighe Dhe am firinn. Bheil e ceadaichte cis a thoirt do Chesar, no nach eil?  

 

 


15


 

  Thuig esan am foill, is thuirt e riutha: Carson tha sibh gam bhuaireadh? Thoiribh dhomh sgilinn gus am faic mi i.  

 

 


16


 

  Agus thug iad dha i. Is thuirt e riutha: Co leis an iomhaigh so, `s an sgriobhadh? Thuirt iad ris: Le Cesar.  

 

 


17


 

  Is Iosa freagairt, thuirt e riutha: Thugaibh mata do Chesar na bhuineas do Chesar; `s do Dhia na bhuineas do Dhia. Agus ghabh iad ioghnadh as.  

 

 


18


 

  Agus thainig na Sadusaich ga ionnsuidh, a tha cantuinn nach eil aiseirigh ann; is dh` fharraid iad dheth, ag radh  

 

 


19


 

  A mhaighistir, sgriobh Maois dhuinn, ma gheibh brathair duine bas, `s gum fag e bean, `s nach fhag e clann, gabhadh a bhrathair a bhean, `s togadh e clann dha bhrathair.  

 

 


20


 

  A nis bha seachdnar bhraithrean ann `s ghabh a chiad fhear bean, agus chaochail e gun sliochd fhagail.  

 

 


21


 

  Agus ghabh an darna fear i, agus chaochail esan `s cha mhua dh` fhag esan sliochd. Agus an treas fear mar an ciadna.  

 

 


22


 

  Agus mar sin ghabh an t-seachdnar i; `s cha d` fhag iad sliochd. `Nan deigh uile dh` eug am boirionnach fhein.  

 

 


23


 

  Anns an aiseirigh mata, nuair dheireas iad, co dhiu sin dham bi i `na mnaoi? oir bha i `na mnaoi aig an t-seachdnar.  

 

 


24


 

  Agus fhreagair Iosa, is thuirt e riutha: Nach ann a thaobh seo a tha sibh a deanamh mearachd, nach eil eolas agaibh air na sgriobturan no air cumhachd Dhe?  

 

 


25


 

  Oir nuair a dh` eireas iad bho na mairbh, cha phos iad, `s cha mhua phosar iad, ach tha iad mar na h-ainglean sna flathais.  

 

 


26


 

  Agus a thaobh aiseirigh nam marbh, nach do leugh sibh an leabhar Mhaois, mar a labhair Dia ris anns a phreas, ag radh: Is mise Dia Abrahaim, agus Dia Isaic, agus Dia Iocoib?  

 

 


27


 

  Cha Dia nam marbh e, ach nam beo. Tha sibhse uime sin a dol fada cearr.  

 

 


28


 

  Is thainig fear de na Sgriobhaich, a chuala iad a consachadh, `sa faicinn gur math a fhreagair e iad, dh` fharraid e dheth: ciod i a chiad fhainte dhiu uile.  

 

 


29


 

  Is fhreagair Iosa e: Gum b` i a chiad fhainte dhiu uile: Eisd, Israel: is aon Dia an Tighearna do Dhia :  

 

 


30


 

  Agus bheir thu gaol don Tighearna do Dhia le t-uile chridhe, agus le t-uile anam, agus le t-uile inntinn, agas le t-uile neart. Se so a chiad fhainte.  

 

 


31


 

  Agus tha an darna fainte coltach rithe : Bheir thu gaol dhad choimhearsnach mar dhut fhein. Nas mua na iad so chan eil fainte eile ann.  

 

 


32


 

  Is thuirt an sgriobhach ris: Is math, a Mhaighistir, a labhair thu an fhirinn, gu bheil aon Dia ann, `s nach eil ann ach e;  

 

 


33


 

  `S gur e gaol thoirt dha leis an uile chridhe, `s leis an uile anam, `s leis an uil` inntinn, agus leis an uile neart ; agus gaol a thoirt do choimhearsnach mar do dhuine fhein, is mua na gach iobairt uile-loisgte agus tobhartas eile.  

 

 


34


 

  Agus Iosa faicinn, gur glic a fhreagair e, thuirt e ris: Chan eil thu fada bho rioghachd Dhe. Is bho sin suas cha robh chridhe aig duine ceisd a chur air.  

 

 


35


 

  Is thuirt Iosa, `s e freagairt nuair bha e teagasg san teampull: Ciamar tha na Sgriobhaich a cantuinn gur e Criosda mac Dhaibhidh?  

 

 


36


 

  Oir tha Daibhidh fhein a cantuinn leis an Spiorad Naomh: Thuirt an Tighearna ri mo Tighearna, suidh air mo laimh dheis, gus an cuir mi do naimhidean nan stol-chas dhut.  

 

 


37


 

  Tha Daibhidh fhein mata a cantuinn a Thighearna ris, agus ciamar mata is e a mhac? Is dh` eisd moran sluaigh ris gu deonach.  

 

 


38


 

  Is thuirt e riutha `na theagasg: Thugaibh an aire oirbh fhein bho na Sgriobhaich leis an toil imeachd an culaidhean fada, agus furan fhaighinn air a mhargadh,  

 

 


39


 

  Agus suidhe air na ciad chathraichean anns na sinagogan, `s air na ciad shuidheachain aig suipeirean:  

 

 


40


 

  A shluigeas tighean bhantrach air sgath urnaighean fada: gheibh iad sin binn nas cruaidhe.  

 

 


41


 

  `S nuair a bha Iosa `na shuidhe mu choinneamh tasgaidh an iuntais, chunnaic e mar bha `n sluagh a tilgeadh airgid san tasgaidh, agus chuir moran de dhaoine beartach na h-uibhir innte.  

 

 


42


 

  Agus thainig bantrach bhochd, is chuir i da lethfheoirlinn, se sin fairdein, innte,  

 

 


43


 

  `Sa gairm a dheisciopul, thuirt e riutha: Gu deimhinn tha mi ag radh ribh, gun do chuir a bhantrach bhochd so barrachd na iadsan uile, a chuir anns an tasgaidh.  

 

 


44


 

  Oir `s ann bho am mor-phailteas a chuir iadsan uile ann; ach `sann bho h-uireasuidh a chuir ise, a beo-shlainte uile.  

 

 


Mark 13

 

 

 

HTMLBible Software - Public Domain Software by johnhurt.com

 


Other Software is Available At These Sites: